Plèanaichen Loganair gan ùrachadh

Plèana Loganair

Tha Comhairle nan Eilean Siar am measg na chuir fàilte air an naidheachd gun tèid na plèanaichean aig Loganair ùrachadh anns na trì bliadhna a tha romhainn.

San ùine sin thèid an Saab 340 a tha air a bhith a' frithealadh nan eilean airson timcheall air 20 bliadhna a-mach à seirbheis.

Thig itealain ùra ATR nan àite a tha nas motha agus nas luaithe.

Thuirt Cathraiche Comataidh na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, gur e deagh naidheachd dha-rìribh a bh' ann.

Euslaintich

"Tha seo a' dol a thachairt cus nas luaithe na bha sinn a sùileachadh an toiseach agus tha dùil ro 2022 gum bi itealain ùra air na slighean againn. 'S e naidheachad mhath dha-rìribh a th' ann an sin.

"Bidh na h-itealain a tha sinn a' faighinn beagan nas motha ach rud a tha gu math cudromach cuideachd gu bheil iad am beachd sreath dhe na suidheachain a dhèanamh freagarrach do dh'euslaintich gus am bi barrachd rùm aca.

"Tha fios againn na tha a' siubhal de dh'euslaintich dhan ospadal a Ghlaschu agus a dh'Inbhir Nis agus tha e math faicinn gu bheil seo a tachairt," thuirt e.