Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An t-Sultain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bàtaichean-cogaidh

Ghlèidh Gàrradh Bhabcock ann an Ros Saoithe cùmhnant luach còrr 's billean not airson còig bàtaichean-cogaidh a thogail dhan Chablach Rìoghail. Tha dùil gun tòisich an obair ro dheireadh na bliadhna seo agus gum bi a' chiad fheadhainn dhiubh deiseal ann an 2023. Glèidhidh an obair mu 2,500 cosnadh air feadh Bhreatainn. Bu chòir gun toireadh an t-òrdan obair cuideachd do Ghàrradh MhicFhearghais air Chluaidh, a th' ann an rianachd, fhad 's a tha Riaghaltas na h-Alba a' feitheamh ri sealbh a gabhail air a dh'aithghearr.

Brexit

Tha na pàrtaidhean dùbhlanach a' putadh a-rithist 'son a' Phàrlamaid fhosgladh an dèidh dhan riaghaltas pàipearan fhoillseachadh le beachd air de dh'fhaodadh tachairt le Brexit gun aonta. Tha na pàipearan bho Operation Yellowhammer ag ràdh gum faodadh cion bìdh a bhith ann, connadh nas daoire, maill mhòr aig na puirt-aiseig agus fiùs àimhreit phoblach. Thuirt am Ministeir Caibineat a tha os cionn ullachaidh 'son Brexit gun aonta, Mìcheal Gove, gu bheil an riaghaltas a' dèanamh an dichill trioblaidean a sheachnadh.

Stòras Uibhist

Tha Aonghas Mac a' Mhaoilein, a bha na chathraiche air Stòras Uibhist, a' maoidheadh air na stiùirichean eile gun toir e gu lagh iad ma 's e agus gun lean iad orra a' feuchainn ri chur a-mach às a' bhuidhinn uile gu lèir. Bha Mgr Mac a' Mhaoilein os cionn na buidhne son dusan bliadhna ach chaidh cathraiche ùr a chur na àite an-uiridh.

Tubaist rathaid

Chaidh fireannach a dhroch ghoirteachadh ann an tubaist rathaid ann an Leòdhas an-dè. Bha bhan agus bhana-champachaidh san tubaist, mu leth uair an dèidh deich sa mhadainn, agus bha an rathad eadar Drochaid Chàrlabhaigh agus Taigh-òsta Doune Braes dùinte 'son sia uairean deug. Thog heileacotpair an duine, a tha 72, gu Ospadal nan Eilean Siar ann an Steòrnabhagh.

Aillse

Tha àireamh nas lugha dhaoine ann am Breatainn beò an dèidh aillse na bha ann an sia dùthchannan beartach eile. Tha rannsachadh ùr ag ràdh ged a tha adhartas air an t-suidheachadh air feadh na Rìogachd Aonaichte gu bheil Breatainn fhathast nas miosa a thaobh feadhainn de na h-aillsean 's cumanta. Tha Cancer Research UK ag ràdh gur e dearbhadh fadalach air an tinneas agus gainnead de luchd-obrach sna seirbhisean slàinte na trioblaidean as motha.