Fiosrachadh ga shireadh mu thubaist mhairbhteach

Seacaid oifigear poilis

Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh às dèidh mar a bhàsaich fireannach 72 bliadhna a dh'aois às dèidh dha a bhith ann an an tubaist rathaid air taobh siar Leòdhais Diciadain.

Thachair an tubaist mu 10.30 le bhana Ford Transit agus bhana-chàmpachaidh.

Chaidh na poilis agus luchd-eiridinn chun na làraich agus chaidh am fireannach a thoirt dhan ospadal, far an do bhàsaich e Diardaoin.

Bha an duine a bhàsaich a' dràibheadh na bhana-chàmpachaidh.

Cha deach boireannach a bh' anns an bhana-chàmpachaidh no an dithis a bh' anns an bhana Ford Transit a ghoirteachadh.

Thuirt an Sergeant Daibhidh Miller gu bheil iad ag iarraidh air luchd-fianais no duine sam bith a chlàr deilbh dash-cam fios a chur thuca.

Faodar sin a dhèanamh le bhith a' fònadh 101 's a bhith a' cleachdadh na h-àireamh 0965 airson an 11mh là dhen t-Sultain.