Buaireadh aig Stòras Uibhist

Oifis Stòras Uibhist

Tha Aonghas Mac Gille Mhaoil, a bha na chathraiche air Stòras Uibhist, a' maoidheadh air na stiùirichean eile gun toir e gu lagh iad, ma leanas iad orra a' feuchainn ri a chur a-mach às a' bhuidhinn.

Bha Mgr Mac Gille Mhaoil os cionn na buidhne fad dusan bliadhna, gus an deach cathraiche ùr, Màiri Schmoller, a chur na àite an-uiridh.

Fhuair Mgr Mac Gille Mhaoil taic gu leòr am measg na coimhearsnachd ge-tà, airson fuireach air a' bhòrd stiùiridh.

Thèid coinneamh phoblach eile a chumail an ath-sheachdain, agus tha dùil gun tèid iarraidh air seasamh sìos.

Dhiùlt e sin a dhèanamh air a' mhìos a chaidh seachad.