Fear ag aideachadh ciont mu bhàs a nighinne

Am flat an Inbhir Nis far an deach am pàisde a mharbhadh. Image copyright Jasper image
Image caption Taobh a-muigh am flat ann an Inbhir Nis far an deach am pàisde a mharbhadh

Dh'aidich Tòmas Haining san Àrd-Chuirt ann an Dùn Èideann Diciadain gun do mharbh e a phàisde Mikayla, aois trì seachdainean, san Ogmhios 2017.

Bhàsaich Mikayla Haining ann an Ospadal an Rathaig Mhòir an Inbhir Nis air an 8mh là den Ògmhios 2017.

Chaidh a toirt dhan ospadal nas tràithe an là sin is i air a droch leòn.

Bha i air a bhith ann an còma le claigeann agus aisnichean briste.

Casaid

Dh'adhbhraich seo rannsachadh bàis le na Poilis agus mar thoradh air an sin chaidh casaid a thogail an aghaidh Tòmas Haining co-ceangailte ri a bàs.

Dh'aidich Haining, aois 21, Diciadain sa chùirt gun robh e ciontach ri marbhadh le coire.

"Thug e beatha a nighinne air falbh, pàisde beag breagha, ann an suidheachadh cho sgràthail," thuirt an DI Brian Geddes bho Phoileas Alba.

"Aig dìreach làithean de dh'aois, bu chòir dhi a bhi cho sàbhailte sa ghabhas an uchd a h-athar - ach ghoirtich e cho dona i agus nach fhaigheadh i seachad air gu bràth.

"Tha mi a' toirt taing do theaghlach Mikayla airson an cuid taice rè ùine ar rannsachaidh agus tha mi an dòchas gun toir am peanas a theid air faochadh air choireigin dhaibh," thuirt e.

Cadal

Chaidh casaid muirt air Haining an toiseach ach ghabh luchd-casaid ris a' chasaid de mharbhadh le coire.

An oidhche a mharbh e a nighean bha Maighstir Haining air a bhith a' coimhead as a dèidh, le mathair na h-ighne, Shannon Davies, na cadal shuas an staidhre.

Chaidh clàran fòn-laimhe Mhaighstir Haining a shealtainn dhan chùirt agus chunnaic iad gun robh e air a bhith a' lorg fiosrachadh air dè thachras do phàisdean a bhios air an droch chrathadh.

Thuirt am Morair Pentland gun robhar a' cumail Maighstir Haining an grèim gus an tigeadh binn air an ath-mhios.