Cladh Cruithneach air a lorg san Eilean Dubh?

San Eilean Dubh Image copyright Andy Hickie
Image caption Làrach, ma dh'fhaoidte, de chladh Chruithneach ann an achadh san Eilean Dubh.

Dhearbh àrc-eòlaichean a tha ag obair faisg air a' Bhlàr Dhubh gun deach grunn làraichean tìodhlacaidh a lorg ann.

Mas e is gun tèid a dhearbhadh, tha e coltach gur e seo an cladh Cruithneach as motha a chaidh fhaighinn ann an Alba thuige seo.

Chaidh tòrran de mheudachd eadar 8m agus 40m fhaighinn aig àrc-eòlaichean a bha a' cladhach 's a' dèanamh sgrùdaidh faisg air a' Bhlàr Dhubh.

Thuirt na h-eòlaichean gun robh an làrach tìodhlacaidh, ma 's e a th' ann, mu 1,400 bliadhna a dh'aois.

Rannsachadh

Tha iad cuideachd air rudan a lorg aig an làraich, a dh'fhaodadh a bhith na bu shine buileach, bho linn na h-ailbhinn.

'S e am pròiseact 'Tarradale Through Time', bho Chomann Àrc-eòlais a' Chinn a Tuath a tha a' dèanamh an rannsachaidh.

Lorg iad mar-thà brod-lèabag agus sleagh a chaidh a dhèanamh bho chionn 6,000 bliadhna le cabair fhiadh-ruadha.

Chaidh iad seo a lorg aig làraich meadhan-linn na cloiche faisg air a' Bhlàr Dhubh.

Leac

Thuirt Steafan Birch, stiùiriche na làraich gun robh seo air nochdadh goirid às dèidh mar a chaidh leac Chruithneach a lorg ann an Inbhir Pheofharain mu 6 mìle (10km) air falbh.

"Tha sinn a' coimhead air làraich a tha buailteach a bhith na chladh chnocan Cruithneach gu math mòr", thuirt Maighstir Birch.

"'S e làrach chudromach a th' ann le grunn thòrran cruinn agus ceàrnagach a bharrachd air gàrraidhean nas motha" thuirt e.