Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An t-Sultain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thuirt britheamhan aig a chùirt shìobhalta 's àirde an Alba gu bheil e mì-laghail dhan a' Phrìomhaire Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte a dhùnadh airson còig seachdainnean. Ghabh panal de thriùir bhritheamhan ri argamaid bho bhuidheann thar-phàrtaidh de bhuill-phàrlamaid agus morairean a rinn ath-thagradh. Tha sin a' cur às do riaghladh bhon a' chùirt roimhe seo a thuirt nach do bhrist Boris Johnson an lagh. Bidh èisteachd èiginneach ann am Prìomh Chùirt na Rìoghachd Aonaichte Dimàirt seo tighinn air an dà chuid a' chùis Albannaich seo agus cùis Shasannach, agus ath-thagradh a bharrachd air a sin à Eirinn a Tuath. Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gum bi iadsan a' dèanamh ath-thagradh an aghaidh co-dhùnadh an là an-diugh.

Na Làbaraich

Thuirt Leas Cheannard nan Làbarach, Tom Watson, gu bheil esan den bheachd nach eil leithid de rud ann ri aonta math airson Brexit agus dh'iarr e air a' phàrtaidh taic gu follaiseach a chuir ri fuireach anns an Aonadh Eòrpach. Tha a bhriathran dha chuir an aghaidh Jeremy Corbyn, a gheall an-dè gun cumadh riaghaltas Làbarach referendum eile air Brexit le roghainn chiallach airson falbh air a' phàipear baileat, ged nach tuirt e dè an taobh air am biodh e fhèin ag iomairt.

In-imreachas

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' cur às do phàirt de phoileasaidh in-imreachais Theresa May nuair a bha ise na Rùnaire Dùthcha agus bidh cead a-niste aig oileanaich à duthchannan eile fuireach anns an dùthaich seo nas fhaide an dèidh dhaibh ceumnachadh. Bidh dà bhliadhna acasan a-niste airson cosnadh fhaighinn anns an Rìoghachd Aonaichte seach na ceithir mìosan a th'ann an-dràsda. Chuir Riaghaltas na h-Alba fàilte air an sin ach tha iad ag iarraidh smachd air poileasaidh in-imreachais gu lèir a' ghluasad à Westminster gu Holyrood.

Mugabe

Tha corp Robert Mugabe, a bha na cheann-suidhe air Zimbabwe, dha thilleadh dhachaigh à Singapore, far an do chaochail e an t-seachdain seo chaidh. Chaidh uaigh choisrigte nàiseanta ullachadh dha ach tha aithrisean ann gun robh e airson nach biodh gnothach sam bith aig an fheadhainn a' chuir à cumhachd e, ris an tiodhlaigeadh.

Airbnb

Tha dragh ann gu bheil companaidhean a tha a' reic thaighean air a' Ghàidhealtachd a' dèanamh sanasachd orra mar àiteachan a bhiodh fìor fhreagarrach airson Airbnb. Tha tè de bhuill na sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba, Rhoda Ghrannd, am measg na tha a' gearain gu bheil margaidheachd den t-seòrsa sin a' toirt droch bhuaidh air aiteachan mar a tha an t-Eilean Sgitheanach le bhith a' cuir bacadh air feadhainn a tha ag iarraidh dachaigh a' cheannach airson a bhith a' fuireach agus ag obair anns an sgìre.