An Taobh Siar ag amas air playoff

Ball-coise

Gheibh sinn a-mach oidhche Chiadain am bi feum air playoff 'son dearbhadh cò bhuannaicheas Lìog Leòdhais agus na Hearadh am-bliadhna.

Thèid an Taobh Siar an aghaidh a' Bhac le na Siaraich feumach air trì puingean gus crìochnachadh co-ionnan leis an Rubha aig a' mhullach.

Bhiodh feum an uairsin air geam a bharrachd 'son dearbhadh cò thogas an tiotal, rud nach do thachair riamh roimhe.

Ach ma nì Am Bac fàbhar dha na nàimhdean aca air taobh thall Loch a Tuath le a bhith a' toirt phuingean far an Taobh Siar, 's iad na Rubhaich a bhuannaicheas an lìog 'son an dàrna bliadhna ann an sreath.

Playoff

Tha an Taobh Siar a' tighinn a-steach dhan gheam 's iad air call ris an Rubha ann an cuairt dheireannach Chupa a' Cho-op air breaban peanais.

Chan eil iad ach air dà gheam a chall san lìog air an t-seusan sa, aon an aghaidh an Rubha agus am fear eile ris an sgioba a tha iad a' cluich oidhche Chiadain ann an Col Uarach.

Dhan Bhac, tha iadsan ag amas air na trì puingean airson leum os cionn Chàrlabhaigh dhan treas àite.

Ma bhios feum air playoff chan eil dearbhadh cìnnteach ann fhathast cuin a dheadh a chluich.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Agallamh le Coinneach MacLeòid.