Burraidheachd aig NHS na Gàidhealtachd

Suaicheantas NHS na Gàidhealtachd

Feumaidh Riaghaltas na h-Alba barrachd a dhèanamh airson dèiligeadh ri burraidheachd ann an NHS na Gàidhealtachd, a rèir a' Bhuill-Phàrlamaid Albannaich Thòraidhich, Èideard Mountain.

Chaidh esan an ceann deasbaid ann an Holyrood oidhche Mhàirt, a bha ag iarraidh air an Riaghaltas taic agus dìon a chur air na daoine uile a bhruidhneas a-mach an aghaidh burraidheachd agus sàrachaidh, 's a dhèanamh cinnteach gu bheil pròiseas làidir agus so-ruighinn ann airson daoine a bhith a' dèanamh a leithid.

Fhuair rannsachadh neo-eisimeileach a rinn Iain Sturrock QC, gun robh na ceudan dhaoine air burraidheachd fhulang aig NHS na Gàidhealtachd.

Bha an aithisg ag ràdh gun robh cultar de dh'eagal agus maoidheadh taobh a-staigh NHS na Gàidhealtachd.

Mhol aithisg Sturrock gum bu chòir foghlam a thoirt do luchd-obrach gu lèir air buaidh burraidheachd.

Mhol e cuideachd gun tèid siostam soilleir, neo-eisimeileach a stèidheachadh a leigeas le luchd-obrach draghan a thogail.

Thuirt Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, gun robh an Riaghaltas a' dèanamh adhartas a thaobh a bhith a' fastadh dhaoine a sheasas an-àirde airson daoine a bhruidhneas a-mach aig gach bòrd slàinte.