Cead-dealbhachaidh do chidhe ùr Bhàgh an Eig

Bàgh an Eig
Image caption Ceadachaidh an leasachadh aig Global Energy, luach na milleanan notaichean, barrachd phròiseactan co-cheangailte ri bhith a' togail chrann-gaoithe aig muir, agus stòradh sealadach de stuthan co-ceangailte ri gnìomhachas na h-ola 's a' ghas.

Chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt do phlanaichean airson cidhe ùr a thogail aig Pàirce Chumhachd Bhàgh an Eig air Machair Rois.

Ceadachaidh an leasachadh aig Global Energy, luach na milleanan notaichean, barrachd phròiseactan co-cheangailte ri bhith a' togail chrann-gaoithe aig muir.

Agus bidh earrann den leasachadh air a chomharrachadh airson pìosan co-cheangailte ri obair na h-ola agus cumhachd ath-nuadhachail a stòradh agus a ghiullachd.

Tha dùil gun toir an obair mu 10 mìosan.

Buannachdan

Thuirt an comhairliche do Chaolas Chrombaidh, Maxine Nic a' Ghobhainn, gun toir am pròiseact seo buannachdan eaconomach dhan sgìre:

"Fhad 's a tha an obair-togail a' dol air adhart bidh barrachd obraichean ann - agus mar phàirt den a sin bidh companaidhean a' tighinn a-steach.

"Nuair a tha an earrann sin den obair deiseil, bidh sinn an uairsin a' gluasad dhan dàrna ìre 'son coimhead air mu ciamar a thèid seo a chleachdadh.

"'S dòcha cruinn-gaoithe a thogail, neo 's dòcha clàran-ola - obair-càraidh agus obair cumail suas, chan eil fios agam - bhiodh an co-dhùnadh sin an urra riuthasan.

"Ach gun teagamh sam bith, cleachdaidh iad na sgilean aig na daoine a tha air a bhith a' trèanadh an seo fad bhliadhnaichean", thuirt an Comh. Nic a' Ghobhainn.

Cosnaidhean

'S fhada bho bha còir leudachadh agus leasachadh a dhèanadh aig Gàrradh Ola Bhàgh an Eig, a rèir Eanraig MhicAonghais a chuir bliadhnaichean mòra seachad ag obair ann.

Chan eil fios fhathast cia mheud obair ùr a bhios ann ach chan eil Mgr MacAonghais a' faicinn sian ach buannachd às:

"'S e rud gum bi mòran chosnaidhean ann den t-seòrsa a bhios ann nuair a tha iad a' togail a' chidhe.

"Ach nuair thèid an cidhe a thogail agus nuair a bhios e ag obair 's e obraichean a bhios sinn ag iarraidh a-steach, a leithid chrann-ola is tuathan-gaoithe is rudan mar sin a dhèanamh san àite", thuirt e.

Tha dùil gum faodadh an obair-togail aig an làraich a thòiseachadh ro dheireadh na bliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo