Mìos chun a' Mhòid

Mòd Ghlaschu Image copyright PAUL CHAPPELLS
Image caption Sgoilearan bho Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a' comharrachadh mìos chun Mhòid Nàiseanta Rìoghail.

Tha an t-ullachadh mu dheireadh a' dol air adhart ann an Glaschu is mìos ri dhol a-nise chun a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail.

Bidh am Mòd air ais ann am Baile Mòr nan Gàidheal 'son a' chiad turas bho 1990 is seachdain fìor thrang air fàire.

Tha an Comunn Gàidhealach ag ràdh gu bheil iad gu math toilichte le àireamh nam farpaiseach.

Thuirt Àrd-Oifigear a' Chomuinn, Iain Moireasdan, gu bheil an dà chuid àireamhan nan inbheach is na cloinne coltach ri Mòd 2017 sa Ghearasdan, Mòd a bha gu math trang.

Dh'innis e cuideachd gu bheil obair mhòr air a bhith a' dol air adhart ann an sgoiltean sa bhaile gus Gàidhlig a bhrosnachadh am measg na h-òigridh, is gu bheil an Comunn den beachd gu bheil sin air buaidh a thoirt air àireamhan nam farpaiseach aig ìre òigridh.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Agallamh le Iain Moireasdan.

Bidh iomall a' Mhòid gu math trang mar as àbhaist. Gheibhear làn chunntas air na bhios a' dol air adhart an seo.

A bharrachd air an spòrs àbhaisteach aig Mòd, tha leudachadh ann am-bliadhna le ball-coise nam ban a' nochdadh 'son a' chiad uair.

Tha seo a' togail air mar a shoirbhich iomain nam ban aig Mòd Dhùn Omhain an-uiridh.

Ged a tha h-uile coltas ann nach fhaigh am Prìomhaire an taghadh a bha esan ag iarraidh san Dàmhair ma-tha, chan eil dad ann a chuireas maill air prìomh fhèis na Gàidhlig.

Thèid am Mòd fhosgladh gu h-oifigeil Dihaoine an 11mh den Dàmhair le Leas Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Iain Swinney.