Dragh mu mhargaidheachd thaighean air Ghàidhealtachd

Airbnb Image copyright Getty Images

Tha dragh air nochdadh gu bheil companaidhean a tha a' reic thaighean air a' Ghàidhealtachd a' dèanamh sanasachd orra mar àiteachan a bhiodh fìor fhreagarrach 'son Airbnb.

Tha Airbnb air fàs gu mòr anns na bliadhnaichean mu dheireadh.

Sheall figearan a sgaoil a' chompanaidh airson na bliadhna an-uiridh gun do choisinn daoine a leig a-mach taighean an Alba tron làraich-lìn mu £162m.

Nochd draghan roimhe mun bhuaidh a tha seo a' toirt air taigheadas.

Tha am BPA Làbarach airson na Gàidhealtachd is nan Eilean, Rhoda Ghrannd, a-nise am measg na tha a' gearan air taighean air a' Ghàidhealtachd a bhith air am margaidheachd mar àiteachan a bhiodh freagarrach airson Airbnb.

Bacadh

Thuirt i gu bheil seo a' cur bacadh air muinntir an àite a bhith a' fuireach sna taighean sin, 's nach bi sluagh air fhàgail taobh a-muigh seusan na turasachd.

"Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil taighean air a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan air am margaidheachd mar dhachaidhean", thuirt Rhoda Ghrannd.

"'S e an rud mu dheireadh a tha a dhìth oirnn gur e fasach a tha san àite tron gheamhradh. Feumaidh sinn coimhearsnachdan làidir.

"Chan eil mi a' bruidhinn an seo air daoine a bhith a' leigeil a-mach seòmraichean, ach taighean a bhith air an toirt a-mach às a' mhargaidh is air an cleachdadh airson luchd-turais a-mhàin", thuirt i.

Tha Riaghaltas na h-Alba an-dràsta ri co-chomhairle mun chuspair seo feuch am bu chòir riaghailtean ùra a thoirt a-steach.

Thàinig rabhadh air sin bho Chathraiche Comataidh an Taigheadais aig Comhairle na Gàidhealtachd, Iain Fionnlastan.

"Faiceallach"

Thog Mgr Fionnlastan, a tha e fhèin na chomhairliche san Eilean Sgitheanach, gu bheil turasachd air fàs gu mòr is air feum mòr a dhèanamh air a' Ghàidhealtachd.

Thuirt e gu bheil luchd-turais feumach air àiteachan-fuirich is gum feumar a bhith "faiceallach" mu riaghailtean a bheireadh buaidh air gnìomhachas na turasachd.

Bhruidhinn am BBC ri riochdaire bhon chompanaidh Innes & Mackay a tha a' reic thaighean air a' Ghàidhealtachd.

Thuirt e gu bheil laghan ùra ann an Alba a' toirt chòraichean a bharrachd do dhaoine a tha a' fuireach ann an taighean air mhàl fad na h-ùine.

Thuirt e gu bheil cuid de dh'uachdarain a-nis den bheachd gu bheil e nas fhasa dhaibh taighean a leigeil a-mach do luchd-turais airson ùine goirid.