NIGG
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Leasachadh ann am Bàgh an Eige

10 An t-Sultain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thig leasachadh mòr air Gàradh Bhàgh an Eige, às dèidh mar a chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt do chidhe ùr air taobh sear a' bhàigh.

Tha a' chompanaidh Global Energy ag ràdh gu bheil iad a' cur thairis le cùmhnantan bho ghnìomhachas na h-ola 's a' ghas, agus cumhachd ath-nuadhachail.

Tha iad an dùil gun tòisich an obair ro dheireadh na bliadhna, agus tha dùil gum bi cosnaidhean na chois - ged nach deach innse cia mheud.

Seo Eileen NicDhòmhnaill.