Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An t-Sultain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cion-cosnaidh

Thàinig an àireamh dhaoine am Breatainn aig nach eil obair a-nuas a-rithist mu 11,000 gu beagan nas lugha na 1.3m anns na trì mìosan dhan Iuchar. Tha cion-cosnaidh mar sin aig an ìre as lugha bho chionn 45 bliadhna, aig 3.8% den t-sluagh gu lèir. Chaidh tuarastal suas cuideachd 4% anns an ùine sin. Bha an àireamh a' sireadh obrach an Alba suas ge-tà, 19,000 sna trì mìosan eadar an Cèitean agus an t-Iuchar gu 110,000, 's tha sin a' fàgail cion-cosnaidh an Alba aig 4%, os cionn an 3.8% air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

A' Phàrlamaid

Thòisich casg oifigeil na Pàrlamaid a dh'aindeoin gearain agus deasbad ann an Taigh nan Cumantan gu uairean tràtha na maidne. Chaidh plana Bhoris Johnson airson taghadh coitcheann a dhiùltadh an dàrna turas, agus chaidh am bile airson stad air Brexit gun aonta a stèidheachadh anns an lagh. Agus an dèidh na naidheachd gu bheil an Labhraiche John Bercow a' falbh, tha am Ball-Pàrlamaid Làbarach, Harriet Harman, am measg na leig fhaicinn gu bheil ise ag iarraidh na dreuchd. 'S ise an-dràsta Màthair an Taighe - am boireannach as fhaide a th' air a bhith ann an Taigh nan Cumantan.

JD Sports

Thug a' chompanaidh JD Sports an aghaidh air crìonadh na h-àrd-sràide le àrdachadh 10% nam prothaidean ro chìsean. Rinn a' chompanaidh prothaid de bheagan nas lugha na £130m anns na sia mìosan dhan Lùnastal.

Doire

Thuirt poilis ann an Èirinn a Tuath gur e oidhirp air poilis a mhurt a bh' ann am boma a fhuair iad ann an Doire an-dè, agus iad ag ràdh gur iad a' bhuidheann phoblachdach an New IRA a chuir ann e. Chaidh còrr is 40 boma peatroil a thilgeil air poilis fhad 's a bha iad a' rannsachadh ann an sgìre Chreagain den bhaile.

Barraigh

Thèid sgoil ùr a thogail ann am Barraigh an àite sgoiltean Eòlaigearraidh agus Bhàgh a' Chaisteil. Tha an t-airgead a' tighinn bho stòras £1bn a stèidhich Riaghaltas na h-Alba an-uiridh. Agus tha dòchas ann cuideachd air airgead airson togalach ùr an àite dachaigh chùraim agus ospadal an Naoimh Bhriannain ann am Bàgh a' Chaisteil.

Rathad an t-Stòim

Tha fear a bha na mhanaidsear coimhearsnachd air na rathaidean do Chomhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum feum Riaghaltas na h-Alba airgead a chur ri slighe cheart an àite seach-rathad an t-Sròim. Bidh an rathad dùinte gu lèir air an deireadh-sheachdain seo, a' cur 130 mìle ris an astar timcheall air. Bidh e dùinte cuideachd airson ùine aig amannan tron là. Tha Iain Hay, a tha a-niste a' fuireach anns a' Phloc, ag ràdh gum feum fuasgladh maireannach a bhith ann.