Rathad gu tur an àite Seach-Rathad an t-Sròim ga mholadh

Seach-Rathad an t-Sròim
Image caption Tha rabhadh ann do dhràibhearan a bhith an dùil ri maill air an A890 eadar Srath Carrann agus Uachdar Thìre thairis air an ath ochd seachdainnean.

Dh'iarr seann cheannard nan rathaidean aig Comhairle na Gàidhealtachd air Riaghaltas na h-Alba rathad ùr a mhaoineachadh an àite Seach-Rathad an t-Sròim air taobh siar Rois.

Thòisich an earrann as ùire de dh'obair gus a' chreag os cionn an rathaid a dhèanamh sàbhailte Diluain.

Ach thuirt Iain Hay, a bha roimhe an urra ris an obair càraidh air an rathad, gur e an roghainn as èifeachdaiche a thaobh ionmhais rathad ùr a thogail taobh Atadail.

"Ach 's e an roghainn as boidhche drochaid a thogail - seach-rathad do Loch Carrann agus tarsainn an locha.

"Agus nan gabhadh sin ceangail ris an obair a tha a' dol ann an Ciseorn ann an dòigh air choireigin - agus nam b' urrainn dhan Riaghaltas airgead a thoirt seachad, 's dòcha airson an earrann sin a chomharrachadh mar phrìomh rathad," thuirt Maighstear Hay.

Rabhadh

Tha rabhadh ann do dhràibhearan a bhith an dùil ri maill air an A890 eadar Srath Carrann agus Uachdar Thìre thairis air an ath ochd seachdainnean.

Bidh an rathad dùinte gu tur air an deireadh-sheachdain seo, le seach-shlighe sa bheil 130 mìle.

Bidh an rathad cuideachd dùinte corra oidhche, le siostam conbhoidh an sàs tron là.