Iomairt theasairginn far chosta Mhoireibh

Heileacoptair nam Maor-cladaich
Image caption Chaidh dà bhàta-teasairginn agus heileacoptair a chur chun na làraich faisg air Hopeman.

Chaidh cobhair a dhèanamh air dithis às dèidh dhan bhàta anns an robh iad bualadh air na creagan air cladach Mhoireibh.

Chaidh dà bhàta-teasairginn agus heileacoptair a chur chun na làraich faisg air Hopeman, mu 8.00f. Diluain, às dèidh aithrisean gun robh an soitheach air cumhachd a chall.

Chuidich sgioba Mhaor-Cladaich a bha ag obair air tìr an dithis fhireannach gu sàbhailteachd.

Cha deach duine a ghoirteachadh.