Fo-thaghadh Comhairle na Gàidhealtachd

Comhairle na Gàidhealtachd

Dh'fhoillsich Comhairle na Gàidhealtachd fiosrachadh mun fo-thaghadh ris a bheil dùil ann an uard Meadhan Inbhir Nis.

Tha seo a' tighinn às dèidh dhan chomhairlaiche Ridseard Laird bhon SNP seasamh sìos

Bha e am-measg thriùir chomhairlaichean a' riochdachadh na sgìre.

'S iad An Comh. Seònaid Chaimbeul (Neo-eisimealach) agus An Comh. Bet NicAlasdair (Làbarach) an dithis eile ann an uard 14.

Ma bhios farpais ann airson an t-seata, thèid bhòt a chumail Diardaoin an 14mh dhen t-Samhain 's thèid na bhòtaichean a chunntadh an ath là.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum bi na foirmichean do thagraichean ri fhaotainn air an làraich-lìn aca bho Dhiardaoin an 26mh dhen t-Sultain.