Màthair a' Chinn-Suidhe

Màiri Anna Nicleòid Image copyright Cathy Brett

Bidh sinn tric a' cluinntinn mun cheangal eadar an Ceann-Suidhe Dòmhnall Trump agus Eilean Leòdhais.

Ach cò dìreach a bh'anns a mhàthair, Màiri Anna Nicleòid, à Àrd Thunga.

Thèid fiolm a chraoladh an ath sheachdain air BBC Alba agus anns An Lanntair ann an Steòrnabhagh a toirt sealladh ùr air beatha Màiri Anna air a bheil 'Màthair a' Chinn-Suidhe".

"Saoilidh mi gu bheil a h-uile duine a th'air fhaicinn air rudeigin ùr ionnsachadh mu Mhàiri Anna Nicleòid agus rudeigin a tha ga dèanamh fa leth bho a mac Dòmhnall," thuirt riochdaire agus stiùiriche an fhiolm, Calum Aonghas MacAoidh.

"Tha tòrr dhaoine a' ceasnachadh cuideachd nuair a tha thu a' dèanamh sgeulachd mar seo: 'Dè an ceangal a th'aig Dòmhnall Iain Trump ri Eilean Leòdhais air neo baile Thunga an-diugh?' agus saoilidh mi gu bheil sinn a' dèanamh beagan dhen sin agus ga fhàgail fosgailte cuideachd."

Litirichean

'S ann tro litirichean agus dealbhan a bha Màiri Anna a' cur gu bana-charaid ann an Dùn Dè tha dealbh ga dhèanamh air làithean a h-òige, mus deach i a New York.

"'S e bun na sgeòil gur e 'penpals' a bh'ann an Agnes Stiven agus Màiri Anna Nicleòid nuair a bha iad nan deugairean," thuirt Mgr Macaoidh.

"Tha thu a' dèanamh dealbh dhut fhèin dhen àm air na dùbhlain a bha mu choinneamh chlann-nighean òg aig an àm sin.

"Nuair a tha thu a' toirt an dà shaoghal a tha seo còmhla tha thu an uairsin a' faighinn beachd gu math fìor, gu math làidir, air an dà nighean òg.

"Bha an dithis aca an uairsin a' dol a sheòladh, aon chun an iar aon chun an ear, aig àm a bha caran duilich ann an eachdraidh Bhreatainn agus Aimearagaidh."

Image copyright Cathy Brett
Image caption Màiri Anna agus a caraid Agnes Stiven a bhiodh a sgrìobhadh gu càch a chèile.

Thuirt Mgr Macaoidh ged a tha sgeulachdan beaga air a bhith air innse mu Mhàiri Anna thar nam bliadhnaichean gun robh iadsan ag amas air sgeulachd a beatha air fad innse.

"Cha mhòr nach eil thu a' sìneadh a-mach bho thoiseach na 20mh linn chun an fhìor dheireadh agus a' cuimhneachadh mun chàirdeas eadar dithis nighean òg.

"'S gu h-iongantach ghabh an càirdeas sin cearcall slàn agus thàinig iad còmhla a-rithist aig deireadh am beatha.

"Ann an dòigh sin an sgeulachd nach eil fhios aig mòran mu dheidhinn agus sin a' phàirt a tha sinn a feuchinn innse," thuirt e.