Bu chòir poileasaidh in-imreachais a bhith aig Alba, a rèir BPA

Loch Baghasdail

Tha ball-pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar, Alasdair Allan, ag ràdh gu bheil e riatanach gun tig luchd-imrich a dh'fhuireach agus a dh'obair sna h-eileanan.

Tha Mgr Allan a' toirt rabhadh mun chron a dh'fhaodadh a bhith aig crìonadh an t-sluaigh sna h-Eileanan air seirbheisean poblach agus air an eaconamidh mura bi daoine gu leòr ann.

Tha aithisg air Feumalachdan an t-Sluaigh agus Poileasaidh Imreachd an Alba air rabhadh a thoirt gum bi barrachd dhaoine a' bàsachadh seach gam breith a h-uile bliadhna san ath 25 bliadhna, agus 's e daoine a bhios air roghnachadh thighinn a dh'fhuireach an seo a chuireas ri àrdachadh sluaigh.

Tha Clàraidhean Nàiseanta na h-Alba a' dèanamh dheth gum bi lùghdachadh 4.8% air àireamh an t-sluaigh sna h-Eileanan Siar ron bhliadhna 2026, agus gum biodh buaidh gu sònraichte air na tha de dhaoine de dh'aois obrach.

Thuirt Alasdair Allan BPA: "Tha na h-eileanan feumach air luchd-imrich agus tha e riatanach gun cum sinn oirnn a' feuchainn ri daoine a bhrosnachadh a thighinn a dh' fhuireach agus a dh'obair ann an seo.

Eaconomaidh

"Tha na h-Eileanan Siar air fàilte a chur air daoine bho air feadh an t-saoghail a th'air roghnachadh an dachaigh a dhèanamh san àite seo.

"Tha sinn a' bruidhinn air còcairean à Nepal, luchd-obrach slàinte às a' Phòlainn agus criubhaichean iasgaich bho thaobh a-muigh an Aonaidh Eòrpaich.

"Tha na daoine seo a' cur gu mòr ris an eaconomaidh, seirbheisean poblach agus ris na coimhearsnachdan," thuirt Mgr Allan.

Tha dragh air Mgr Allan gum faod poileasaidhean riaghaltas Bhreatainn air in-imreachas agus an deasbad mu Bhrexit seirbheisean poblach sna h-eileanan a chur ann an cunnart.

Tha e a' moladh gu bheil an t-àm ann gum bi smachd aig Pàrlamaid na h-Alba air poileasaidhen in-imreachais airson siostam a stèidheachadh a chum maith nan Eilean Siar agus na h-Alba air fad.