Dearbhadh gum faigh Barraigh sgoil ùr

Bàgh a' Chaisteil
Image caption Tha moladh ann seirbheisean slàinte agus foghlaim a chur còmhla air aon làraich am Bàgh a' Chaisteil

Thàinig dearbhadh gun togar sgoil ùr am Barraigh agus am Baile Dhubhthaich le airgead bho stòras riaghaltais luach £1b.

Bidh an sgoil ùr am Barraigh an àite sgoiltean Eòlaigearraidh agus Bhàgh a' Chaisteil.

Ann am Baile Dhubhthaich bidh an goireas ùr a' toirt a-steach ceithir sgoiltean air an aon làraich.

Chaidh fàilte a chur air maoineachadh Riaghaltas na h-Alba, bho stòras a stèidhich iad an-uiridh, airson nam pròiseactan mòra, agus cruaidh fheum air goireasan ùra anns gach sgìre.

An aon làrach

Chaidh draghan a thogail mu staid Sgoil Eòlaigearraidh am Barraigh bho chionn faisg air 10 bliadhna, a rèir chomhairliche na sgìre, Dòmhnall Manford.

"Feumaidh sinn toileachadh mòr a dhèanamh ris an naidheachd gu bheil an t-ionmhais a' dol a bhith ann," thuirt e.

Tha dòchas ann cuideachd air airgead fhathast airson toglach ùr an àite Dachaigh Chùraim agus Ospadal Naoimh Bhriannain ann am Bàgh a' Chaisteil.

Chan eil cinnt ann fhathast càìte am bi an dà ghoireas ùr ach 's e am prìomh mholadh gun tèid an cur còmhla air an aon làraich.

Sgrùdadh

Tha sgrùdadh a' dol an-dràsta a thaobh làrach na sgoile ùire, agus thèid aithisg air beulaibh chomhairlichean nuair a choinnicheas iad aig toiseach na h-ath mhìos.

"Tha sin a' dol a shoillearachadh a-mach air càite a bheil a h-uile sgath a' tighinn a-staigh gu ceann ìre, air dè ghabhas air aon làraich neo dà làraich agus dè seòrsa cosgais a tha a' dol a bhith ann.

"Tha mi an dòchas gum bi sin mar coinneamh - adhartas co-dhiù - ann an cola-deug, ciamar a tha sin a' dol a choimhead air na togalaichean a chur ri chèile," thuirt an Comh. Manford.

Cuiridh Comhairle nan Eilean Siar £7m ris an obair bhon Phrògram Chalpa aca.

Thuirt ceannard na Comhairle, an Comh. Ruairidh MacAoidh: "'S e cothrom uabhasach math a tha seo a thaobh obraichean agus an eaconamaidh ann am Barraigh agus Bhatarsaigh.

"Tha sinn an dòchas gum bi leasachadh ionadail mar seo na eisimpleir airson dòigh ùr seirbheisean a thoirt seachad an àiteachan eile sna h-Eileanan Siar agus ann an sgìrean dùthchail na h-Alba leis na diofar bhuidhnean poblach ag obair còmhla."

Image copyright J Thomas/Geograph
Image caption 'S e Bun-sgoil Chnoc na Creige tè de na sgoiltean a thèid a dhùnadh

Iomairt nan sgoilearan

Rinn sgoilearan bho thrì sgoiltean ann am Baile Dhubhthaich bhidio a' sealltainn mullaich le uisge a' tighinn a-steach agus fiodh mu na h-uinneagan a' grodadh.

Chuir iad seo gu Riaghaltas na h-Alba mar phàirt den iomairt aca toirt orra ionmhas a thoirt seachad airson àrainn sgoile ùir sa bhaile.

Bidh clann bho aois 3 gu aois 18 air an oideachadh air an aon làraich, a' toirt a-steach Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich, Bun-sgoil Chnoc na Creige, Bun-sgoil a' Chnuic Bhric agus Sgoil Shònraichte Naoimh Dhùbhthaich.

Thuirt ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Mairead Davidson: "Bha sinn a' farpais le sgoiltean eile an Alba agus bha againn ri dearbhadh gum biodh pròiseact Àrainn Bhaile Dhubhthaich na leasachadh adhartach agus ùr-nuadh."

"Tha e a' toirt cothrom dhuinn an co-obrachadh le ionad slàinte agus dachaigh cùraim a' bhaile a neartachadh.

"Le bhith a' togail air fearann a tha fo shealbh na comhairle faodaidh sinn an talamh far a bheil na ceithir sgoiltean an-dràsta a chleachdadh airson taigheadais air a bheil cruaidh fheum.

"'S e naidheachd fìor mhath a th'ann do Bhaile Dhubhthaich, agus dhan sgìre air fad," thuirt an Comh. Davidson.