Tiotal eile do Mhalaig

Malaig Image copyright Eileen Ferguson
Image caption Sgioba Mhalaig air an dòigh is iad a' seòladh dhachaigh leis an tiotal.

Tha iad a' dèanamh gàirdeachais ann am Malaig a-rithist is sgioba a' bhaile air grèim a chumail air Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse.

Bha gnothaichean faisg dha-rìribh a' dol a-steach dhan gheama mu dheireadh den t-seusan is Slèite is Malaig co-ionnan aig mullach na lìge.

Cha robh ceist ann air an là ge-tà, is Malaig a' soirbheachadh 5-2 san Ath Leathann.

Thàinig na tadhail aca bho Ross Dùghlas (3) is Dàibhidh Currie (2).

Duais

Tiotal eile do Mhalaig ma-tha, is iad a-nise air Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse a bhuannachadh san dà sheusan bho fhuair iad ballrachd.

Bidh cothrom eile aig Slèite is an Srath duais a thogail Disathairne seo tighinn nuair a chluicheas iad Caol Àcainn sa chuairt dheireannaich de Chupa Rois.

Anns na h-Eileanan an Iar, chaidh Cupa a' Cho-op dhan Rubha.

Rinn na Rubhaich a' chùis air an Taobh Siar air breaban-peanais às dèidh dha na sgiobaidhean crìochnachadh co-ionnan 1-1.

Tha teans gum bi geama mòr eile ri thighinn eadarra ge-tà, is iad a' strì aig mullach na lìge.

Faisg

Tha na Siaraich feumach air trì puingean bhon gheama mu dheireadh aca an aghaidh a' Bhac oidhche Chiadain.

Ma thachras sin, bidh play-off ann eadar an Rubha is an Taobh Siar.

Ann an Uibhist is Bharraigh, tha Saints an Iochdair troimhe dhan chuairt dheireannaich de Chupa Billy McNeill às dèidh dhaibh fhèin is Barraigh crìochnachadh 1-1 air an deireadh-sheachdain.

Bidh Saints an aghaidh Beinn nam Fadhla sa chuairt dheireannaich ann an Lionacleit Disathairne seo tighinn.