Fear fo chasaid èigneachaidh air nochdadh sa chùirt

Poilis aig traigh Monastery Image copyright KSBW
Image caption Bha daibhearan poilis an sàs ann an iomairt a mhair trì là aig traigh Monastery às dèidh aithris gun deach Kim Avis a dhìth an sin.

Nochd fear às Inbhir Nis sa chùirt fo 24 casaidean, èigneachadh nam measg, 's e air a thilleadh a dh'Alba às na Stàitean Aonaichte.

Dh'fhàilich air Kim Avis, 55, nochdadh sa chùirt an Dùn Èideann sa Mhàrt.

Chaidh fios a chur air na poilis ann an California gun robh e air a dhol a dhìth sa Ghearran mus deach a lorg ann an Colorado san Iuchar.

A nochdadh san Àrd Chùirt an Dùn Èideann, thabhainn Mgr Avis leisgeul airson na cùirt a sheachnadh. Chaidh a chumail an greim.

Dh'inns fear-lagh Mhgr Avis, Lorenzo Alonzi, dhan a bhritheamh, am Morair Malcolm gun robh Mgr Avis a nochdadh sa chùirt mar fhreagairt air barantas a chaidh a sgaoileadh às deidh mar a dh'fhàilich air nochdadh sa chùirt.

Dh'inns Mgr Alonzi dhan a' bhritheamh cuideachd gu bheil e an dùil gun tèid casaidean a thogail às ùr an aghaidh Mhgr Avis agus cha do mhol e gun tèid a shaoradh air urras.

Chaidh fios a chur chun nam poileas gun robh Mgr Avis a dhìth 's e a-rèir aithris air a dhol a shnàmh aig Tràigh Monastery ann an California sa Ghearran.

Chaidh a lorg ann an Colorado às dèidh iomairt mòire le ùghdarrasan nan Stàitean Aonaichte.