A' bhliadhna as trainge do sgioba teasairginn an Eilein

MRT an Eilein air gairm. Image copyright Skye MRT
Image caption Bha sgioba-teasargain beinne an Eilein Sgitheanaich an-sàs ann an dà iomairt thar na deireadh sheachdain.

'S e seo a' bhliadhna as trainge a th'air a bhith aig Sgioba Teasairginn Bheanntan an Eilein Sgitheanaich a-riamh.

Tha iad a-nis air a bhith air an gairm 55 turas às dèidh dà thachartas air an deireadh-sheachdain, aon sa Chuiltheann agus fear eile aig Bodach an Stòir.

'S e 52 an àireamh as àirde de ghairmean a bh' aca roimhe ann an 2015, agus dhèilg iad ri 49 cùisean an-uiridh.

Bha dithis shreapadair ann an trioblaid Disathairne gu àrd air Sgurr a' Ghreadaidh.

Thuirt MRT an Eilein Sgitheanaich gur e "iomairt-teasairginn dhoirbh" a bh' ann a mhair 8 uairean a thìde.

Thug heileacoptair nam maor-cladaich à Steòrnabhagh taic dhan sgioba.