Geàrr-liosta do Chraobh na Bliadhna air fhoillseachadh

The Last Ent of Affri Image copyright Niall Benvie/WTML
Image caption Tha 'Am Fuamhaire mu dheireadh' air a' chuairt mu dheireadh a ruighinn.

Tha dà chraoibh air a' Ghàidhealtachd air faighinn dhan chuairt dheireannaich ann an duais Craobh na Bliadhna an Alba.

Tha giuthas-Albannach ann an Gleann Nibheis agus craobh ailm ann an Gleann Afraig am measg sia craobhan a ràinig an ìre mu deireadh den fharpais.

Chaidh an giuthas a chur bho chionn 4 bliadhna mar phàirt den iomairt aig Com-pàirteachas Cruth-tìre Nibheis 'son craobhan a thilleadh dhan sgìre.

Agus 's e 'Am Fuamhaire mu dheireadh' an aon ailm a tha air fhàgail ann an Gleann Afraig às deidh dhan ghalar Dhuitseach sgrios a dhèanamh air a' ghnè seo air a' Ghàidhealtachd.

Image copyright John Maher/WTML
Image caption Tha clann Èirisgeigh air a bhith a' cluiche ann an Craobh Netty o chionn bhliadhnaichean.

B' e Craobh Netty, a chaidh a cur bho chionn còrr 's ceud bliadhna le Maighstir Ailean Dòmhnallach ann an Èirisgeigh, a bhuannaich an duais an-uiridh.

Chaidh a' chraobh spruis ann an Èirisgeigh cuideachd a chur air adhart gu farpais Craobh na Bliadhna Bhreatainn.

Image copyright Niall Benvie/WTML
Image caption B' e Alison Siùbhart aig Com-pàirteachas Cruth-tìre Nibheis a chuir an giuthas-Albannach air adhart.

Chaidh na sìl 'son nan guthais-Albannach ann an Gleann Nibheis a thrusadh bho na seann chraobhan ann an Loch Abar, agus chaidh an toirt air adhart ann am bocsaichean àraich.

B' e clann às an sgìre a chuir na craobhan ann am pàircean a tha air an dìon bho bheathaichean a tha ag ionaltradh.

'S e an t-amas aig Com-pàirteachas Cruth-tìre Nibheis gum bi na craobhan a' fàs aig an aon àm 's a tha a' chlann agus gun cuir iad dìon air a' choille sa ghleann.

Chaidh a' chraobh seo, a tha ceithir bliadhna a dh'aois a chur air adhart le Alison Stiùbhart, a tha ag obair gu saor-thoileach leis a' chom-pàirteachas.

'S ann à Siorrachd Lannraig, Siorrachd Obar Dheathain agus na Crìochan a tha na ceithir craobhan eile a fhuair troimhe dhan chuairt dheireannaich.

Gheibh a' chraobh a bhuannachas sgeama cùraim luach £1000 - duais a thèid a thoirt seachad ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo