Port-adhair Inbhir Nis air bàrr na liosta

Port-adhair Inbhir Nis Image copyright John Allan / Geograph
Image caption Thuirt a' bhuidheann WHICH? gun robh port-adhair Inbhir Nis na "phort-adhair beag laghach gun cus sluaigh no buairidh."

'S e Port-Adhair Inbhir Nis agus Port-Adhair Ghlaschu an fheadhainn as fheàrr ann an Alba a rèir na buidhne WHICH?

Thuirt a' bhuidheann gun robh port-adhair Inbhir Nis na "phort-adhair beag laghach gun cus sluaigh no buairidh."

Thuirt a' bhuidheann ge-tà, gun robh e a' toirt cus ùine do luchd-siubhail faighinn tro phròiseas na tèarainteachd.

'S e seo an 5mh bliadhna an sreath a chèile a chaidh Port-Adhair Obar Dheathain a chomharrachadh mar an fhear as miosa an Alba.

Tha luchd-siubhail ann an Obar Dheathain air a bhith a' gearain air droch sheirbheis do luchd-cleachdaidh, agus an t-astar fada a dh'fheumas luchd-siubhail coiseachd eadar am plèana agus an togalach.