Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An Lùnasdal 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gàrradh MhicFhearghais

Tha làn-dùil ris an dearbhadh an-diugh gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' cur Gàrradh MhicFhearghais air Cluaidh dhan Roinn Phoblaich, agus an gàrradh ga chur gu rianachd. Tadhlaidh Ministear an Ionmhais, Derek MacAoidh, air an làraich an-diugh a dh'innse dhan 350 de luchd-obrach mu phlana an Riaghaltais airson a' ghàrraidh, 's na cosnaidhean a th' ann a shàbhaladh. Tha an gàrradh air dheireadh gu mòr, agus fada os cionn na cosgais airson dà bhàt-aiseig ùr a thogail do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn.

Brexit

Thuirt Ceannard nan Libearalach Deamocratach, Jo Swinson, gu bheil an Tòraidheach Ken Clark, 's an Làbarach Harriet Harman, le chèile deònach a dhol os cionn riaghaltais èiginnich airson Brexit gun aonta a sheachnadh. 'S iadsan an dithis bhall as fhaide a tha sa Phàrlamaid. Chuir Ms Swinson a moladh air adhart an dèidh dhi leigeil fhaicinn nach cuir i taic ri plana Jeremy Corbyn airson esan a chur na Phrìomhaire eadar-amail. Thuirt an Riaghaltas nach eil anns na thuirt Jo Swinson ach tuairmeas.

Coirea

Rinn Coirea a Tuath deuchainn le dà rocaid os cionn na mara air taobh sear na dùthcha, an dèidh innse gu bheil còmhraidhean ri Coirea a Deas seachad. Ghabh Coirea a Tuath gu dona ri òraid a rinn Ceann-Suidhe a' Chinn a Deas anns an do dh'iarr e aonadh eadar an dà dhùthaich. Thuirt Coirea a Tuath nach eil teansa ann a-niste air còmhraidhean sìthe aig an àm seo.

Bhanaichean-Campachaidh

Tha muinntir Bhatairsteinn anns an Eilean Sgitheanach ag iarraidh casg air bhanaichean-campachaidh air an rathad chumhang tron bhaile gu ruige làraich ainmeil Rubha na h-Èist, a tha a' tarraing nam mìltean mòra de luchd-turais. 'S e an aon rathad a-mach 's a-steach dhan sgìre 's bha e dùinte fad sia uairean de thìde bho chionn ghoirid nuair a chaidh bhana-campachaidh far an rathaid. Tha feadhainn anns an àite air an sàrachadh cho mòr 's gu bheil iad ag iarraidh casg air càraichean luchd-turais uile gu lèir, agus a' maoidheadh gun cuir iad fhèin bacadh anns an rathad. Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gur e cùis dha na Poilis a th' ann am maill air rathad poblach.

An Stòrr

Tha dragh air sgioba theasairginn nam beann anns an Eilean Sgitheanach gu bheil rathaidean fìor thrang agus trioblaid a' parcadh a' cur maill air an obair. Chaidh an sgioba a dhèanamh cobhair air cuideigin aig Bodach an Stòirr a' bhòn-dè. Ach thuirt fear-labhairt nach b' e sin a bu dorra dhaibh ach an ùine a thug iad a' siubhal ann agus àite fhaighinn anns am faigheadh iad parcadh gu sàbhailte. Tha obair a' dol air adhart an-dràsta air tuilleadh àite parcaidh aig an Stòrr.

Port-Fànais

Dh'aidich Comhairle nan Eilean Siar gum b' fheàrr leotha gun robh iad air bruidhinn ro-làimh ri muinntir Uibhist a Tuath mun phlana airson port-fànais aig Sgolpaig. Aig coinneamhan poblach an-dè, fhuair muinntir na sgìre fiosrachadh mun sgeama agus cothrom ceistean a chur. Tha ceudan dhaoine air cur an aghaidh cead-dealbhachaidh air a shon, ach sheall feadhainn taic dhan sgeama aig a' choinneimh mu dheireadh an-raoir.