Seirbheis aiseig "a' dol am miosad"

MV Loch Seaforth

Tha mì-thoileachas a' sìor dhol am meud le cho làn 's a tha seirbheisean aiseig air a' chosta an iar.

Tha eileanaich a' gearain nach fhaigh iad àite orra airson làithean.

Tha am fear-gnothaich Dòmhnall MacSuain à Leòdhas ag ràdh nach b' urrainn dha àite fhaighinn 'son carbaid air an MV Loch Seaforth fad grunn làithean.

"O chionn còrr is seachdain bha mi a' coimhead air làrach-lìn ChalMac a dh'fhaicinn cuin a gheibhinn air bhana fhaighinn air an aiseag eadar Ulapul is Steòrnabhagh," thuirt Mgr MacSuain.

"A' coimhead ris an t-seachdain seo cha robh càil ann ri fhaighinn Diardaoin, Dihaoine, Disathairne, Là na Sàbaid - 's bha e an aon rud taobh na Hearadh cuideachd.

"'S e an rud a tha mi a' dol a dhèanamh, 's e falbh air aiseag a' bhathair.

"Ach thuirt iad rium an t-seachdain seo, seach gu bheil uimhir de dhaoine a' feuchainn a-nis air aiseag a' bhathair, tha daoine a' tòiseachadh a' feitheamh aig 5:00f airson seòladh aig 10:00f. Tòrr ann a dh'fhaodadh a dhol ceàrr mus fhalbh mi.

"Tha an t-seirbheis a' fàs nas miosa. Ged a tha bàta ùr àlainn againn, chan eil an t-seirbheis cho math 's a bha i," thuirt e.

Tha a-nis BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNìll, ag iarraidh air CalMac siostam a thoirt a-steach fo an cumadh iad cuid de thiocaidean air ais gu goirid mus seòl am bàta.

Fo na molaidhean aige, dheadh seachd às gach deich tiocaidean a reic ro làimh, dhà anns gach deich a chumail air ais gu mìos ron t-seòladh, agus aon anns gach deich a chumail gu seachdain ron t-seòladh.

Thuirt neach-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba gun deach còrr is £1.4bn a chosg air seirbheisean aiseig air Cluaidh is Innse Gall bho 2007, agus gun robh iad a' leantainn orra le bhith a' cur airgid mu choinneimh bhàtaichean-aiseig ùra.

Tha cho trang 's a tha na h-aiseigean ri linn cho soirbheachail 's a tha sgeama RET air a bhith, thuirt e, agus gum feum CalMac fon chùmhnant aca leis an Riaghaltas cothrom a thoirt do dhaoine àite fhaighinn air na h-aiseagan ann an dòigh chothromaich.

Ach thuirt iad cuideachd gu bheil iad ag obair le CalMac airson dòighean a lorg air cùisean a leasachadh.