Ro-innleachd "cheart" a dhìth airson na Gàidhlig

Misneachd

Tha a' bhuidheann iomairt Ghàidhlig "Misneachd" air ceist a thogail mu na briathran dòchasach a thàinig à coinneimh eadar an Riaghaltas agus buidhnean poblach Gàidhlig Dimàirt.

A rèir Misneachd, bha briathran air an cleachdadh gun tuigse, agus dh'fhàg iad air Bòrd na Gàidhlig nach eil ro-innleachd aca airson an cànan a bhrosnachadh am measg theaghlaichean.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, mhol fear-labhairt Misneachd, Màrtainn Mac a' Bhàilidh, gum bu chòir tòrr a bharrachd taice a bhith ann 'son teaghlaichean agus gu bheil sin a' ciallachadh barrachd airgid.

"Tha e gu math doirbh clann a thogail le mion-chànan sam bith, chan e dìreach rud sìmplidh a th' ann.

"Tha feum air goireasan, is taic-airgid do theaghlaichean agus comhairle air na diofar cheumanan a th' ann 's mar a tha clann a' diùltadh mion-chànain, dè nì thu an uairsin?

"Ma tha an t-airgead ceangailte ri sgeama agus goireasan, agus mar a tha Misneachd ag iarraidh, oifigearan coimhearsnachd a bhiodh a' tadhal air na daoine seo, a' brosnachadh cheangalan eadar an fheadhainn a tha a' cleachdadh Gàidhlig a-staigh, gus am bi iad mar phàirt de choimhearsnachd cheart, agus sin a' phuing a tha sinn a' togail air," thuirt e.

Thuirt ball de Bhòrd na Gàidhlig, Ailean Caimbeul Dimàirt gum feum gach buidheann Gàidhlig obrachadh còmhla airson Gàidhlig taobh a-staigh na dachaigh a bhrosnachadh.

Thuirt Mgr Caimbeul gun robh fòcas aca air mar a tha a' Ghàidhlig aig ìre na coimhearsnachd cho cudromach ann an caochladh dhòighean, a thaobh a bhith a' labhairt a' chànain ann an seagh làitheil - anns na dachaighean, anns na cosnaidhean agus anns na coimhearsnachdan fhèin.

Coimhearsnachd

Thog Mgr Mac a' Bhàilidh ceist mun fhacal 'coimhearsnachd' 's mar a tha daoine ga chleachdadh airson cuideigin air Facebook no na meadhanan sòisealta air nach do thachair iad riamh.

"Tha coimhearsnachd fhiosaigeach ann de luchd-labhairt a tha a' fuireach san aon àite, agus tha lìonra ann cuideachd de luchd-labhairt sgaipte a thig còmhla ann an cò-theacsa sònraichte, agus chan ionnan sin idir, agus airson cànan a bhith beò, 's e coimhearsnachdan a tha a' toirt seachad cànain do dh'àireamhean gu leòr de dhaoine gus am bi an ath-ghinealach ann.

"Ma tha dìreach lìonra air Facebook no na meadhanan sòisealta agus na bailtean, a tha a' crochadh gu tur air luchd-ionnsachaidh a tha a' nochdadh ùidh sa chànan, agus air sgoilearan, tha fios againn bho rannsachadh a chaidh a dhèanamh mar tha air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig san fharsaingeachd, a' mhòr-chuid, tha iad a' tighinn a-mach às na sgoiltean 's chan eil bogadh gu leòr aca gus a bhith fileanta sa chànan dha-rìribh, 's chan eil adhbhar aca a bhith a' cleachdadh Gàidhlig aon uair 's gum fàg iad an sgoil," thuirt e.

Plana Nàiseanta

Ann am freagairt, thuirt Bòrd na Gàidhlig gu bheil am Plana Nàiseanta ag aithneachadh gu bheil cleachdadh na Gàidhlig deatamach, leis a' phrìomh amas "gun tèid Gàidhlig a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine agus ann am barrachd shuidheachaidhean.

"Tha am Plana cuideachd a' bruidhinn air coimhearsnachdan eadar-dhealaichte - coimhearsnachdan eileanach is dùthchail, bailtean is bailtean mòra, agus coimhearsnachdan ceangailte tro theicneòlas.

"Mar sin, tha aithneachadh ann gu bheil freagairtean eadar-dhealaichte a dhìth ann an diofar choimhearsnachdan.

"Tha an iomairt 'Adhartas nas Luaithe' ag èirigh às a' Phlana Nàiseanta agus tha e a' dearbhadh gu bheil dleastanasan aig diofar bhuidhnean airson seo a thoirt gu buil.

"Chan eil freagairt aig aon bhuidheann, agus thig adhartas tro cho-obrachadh eadar buidhnean is coimhearsnachdan", thuirt iad.