Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An Lùnasdal 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thuirt Ceannard nan Libearalach Deamocratach, Jo Swinson, nach toir i taic do phlana Làbarach airson Jeremy Corbyn a chur mar Phrìomhaire airson ùine ghoirid mar dhòigh air stad a chur air Brexit gun aonta. Sgrìobh Mgr Corbyn gu ceannardan nam pàrtaidhean dùbhlannach, agus Buill-Phàrlamaid nam beingidhean cùil, ag iarraidh orra cion-earbsa a chur ann am Boris Johnson agus an uair sin e fhèin a chur na Phrìomhaire gus am biodh taghadh coitcheann ann. Chuir Ceannard an SNP aig Westminster, Iain Blackford, fàilte ann am prionnsabal air co-obrachadh ris na Làbaraich, ach cha deach e cho fada ri ràdh gun iarradh e Mgr Corbyn mar Phrìomhaire.

Agus thuirt Jeremy Corbyn nach bu chòir do Phàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte stad a chur air an dàrna referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba, ach gu bheil e fhèin an aghaidh Alba a' falbh às an Aonadh. Tha poileasaidh oifigeil a' Phàrtaidh Làbaraich ann an Alba an aghaidh referendum eile.

Sarah Wollaston

Ghluais Sarah Wollaston, a bha na Ball-Pàrlamaid Tòraidheach dha na Libearalaich Dheamocratach, agus i ag ràdh gur iad an aon phàrtaidh a tha ag iomairt an aghaidh a-muigh agus a-mach airson an Rìoghachd Aonaichte a chumail anns an Aonadh Eòrpach. Dh'fhàg i na Tòraidhean anns a' Ghearran, agus on uairsin tha i air a bhith a' suidhe na neo-eisimeileach.

Cìs Thurasachd

Tha co-chomhairle a' tòiseachadh an-diugh air am bu chòir cìs thurasachd a stèidheachadh air a' Ghàidhealtachd. Tha Comhairle na Gàidhealtachd den bheachd gun togadh a' chìs £10m san sgìre. Dh'aontaich comhairlichean ann an Dùn Èideann ron a seo, cìs £2 gach oidhche a chur air luchd-turais anns a' bhaile.

Kim Avis

Thèid fear às Inbhir Nis air a bheil sreath chasaidean airson ionnsaighean drabasta a thilleadh a dh'Alba às na Stàitean Aonaichte. Cha do nochd Kim Avis, no Kim Gordon mar a th' aig cuid air, anns a' chùirt ann an Dùn Èideann nuair a bha dùil ris na bu tràithe am-bliadhna. Chaidh aithris anns an Ògmhios gun deach e a dhìth ann an California. Ach tha e a-niste an grèim aig na h-ùghdarrasan ann an Colorado, a tha ag ullachadh airson a thilleadh a dh'Alba.

Jagtar Singh Johal

Bidh togail-fianais aig togalach an UN ann an Geneva an-diugh a' toirt aire do dhuine à Dùn Bhreatainn a tha an grèim anns na h-Ìnnseachan fo chasaidean ceannairc. Tha teaghlach Jagtar Singh Johal ag ràdh gun deach ciùradh a dhèanamh air, agus gun deach cùram meadaigeach a dhiùltadh dha. Tha na h-ùghdarrasan Ìnnseannach a' dol às àicheadh sin.