Co-chomhairle air cìs thurasachd

Buinn

Tòisichidh co-chomhairle phoblach Diardaoin mu bhith a' cur an sàs cìs thurasachd air a' Ghàidhealtachd.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' sireadh bheachdan bho ghnìomhachasan, comhairlean coimhearsnachd agus daoine fa leth air a' bhuaidh a bhiodh aig leithid de phlana.

A rèir oifigearan na Comhairle, dh'fhaodadh gun gabhadh £10m sa bhliadhna a thrusadh 'son maith na sgìre nan deadh cìs thurasachd a stèidheachadh air Ghàidhealtachd.

Thadhail còrr is 500,000 neach-turais air a' Ghàidhealtachd, a rèir nam figearan mu dheireadh bho Visit Scotland airson 2017, agus chosg iad dìreach gann air £200m ann.

Tha comhairlichean ann an Dùn Èideann mar thà air aontachadh cìs £2 san oidhche a thrusadh bho luchd-tadhail dhan bhaile. Tha sgìrean eile cuideachd taiceil do leithid de chìs.

Ach, tha cuid de ghnìomhachasan draghail mun bhuaidh a a dh'fhaodadh a' chìs a thoirt air turasachd dhan sgìre, agus am biodh e cho tarraingeach.

Feumaidh Riaghaltas na h-Alba reachdas a chur tron Phàrlamaid mus biodh e ceadaichte do sgìrean cìs thurasachd a chur air bhonn, rud nach tachair ron ath-bhliadhna aig a char às traithe.