LairgLambs
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Prìsean measgaichte aig Fèill na Luirge

14 An Lùnasdal 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

'S ann measgaichte a bha na prìsean aig an fhèill aon-là uan as motha san Roinn Eòrpa anns an Luirg Dimàirt.

Sa chumantas, bha prìs nam molt suas cha mhòr £1. Ach bha na h-uain bhoireann sìos gu mòr an coimeas ris an-uiridh.

Tha croitearan is tuathanaich ag ràdh gu bheil na prìsean nas fheàrr na bha iad an dùil agus Brexit air fàire.

'S e slat-tomhais a th' anns an fhèill seo a thaobh mar a bhios na prìsean airson a' chòrr den bhliadhna.

Tha an aithris aig Eileen NicDhòmhnaill.