Mèirle armaichte san Òban

Seacaid Phoilis

Tha na Poilis san Òban a' lorg fhireannaich a rinn mèirle armaichte air talla-bìdh bùth Marks and Spencer sa bhaile, le gunna no rud a bha coltach ris, feasgar Dimàirt.

Cha deach duine a leòn, ach chuireadh eagal uabhasach air an deugaire a bha ag obair sa bhùthaidh aig an àm.

Choisich am fireannach a bha eadar mu 45 agus 50 bliadhna de dh'aois a-steach don bhùthaidh air Slighe Loch a' Mhuilinn san Òban mu 3:20f Dimàirt.

Chaidh e chun an deasga, far an robh e a' bagairt air neach-bùtha, 17 bliadhna de dh'aois, le gunna, no rud coltach ris, agus dh'iarr e airgead.

Dh'fhalbh am fireannach an uairsin le suim airgid trì figearan, agus tha poilis a' rannsachadh dè an t-slighe a ghabh e an uairsin.

Cha deach gunna a losgadh, ach chuir na thachair eagal am beatha air neach na bùtha.

Thiurt poilis gu bheil iad a' lorg fireannaich ghil, mu 6tr de dh'àirde, 's e meadhanach caol, le seacaid khaki, brògan a' bhlàr a-muigh, agus ad bìnidh dhubh le loidhne uaine agus dearg air.

Tha oifigearan ag iarraidh gun cuir duine le fiosrachadh sam bith mu na thachair fios thuca.