Rabhadh mu AirBnB

An Stòrr Image copyright Nigel Brown/Geograph
Image caption Bidh an t-Eilean Sgitheanach a' tàladh nam mìltean mòra de luchd-turais a h-uile bliadhna.

Tha Buidheann Taigheadais Loch-Aillse 's an Eilein Sgitheanaich gu bhith a' cur litrichean a-mach a dh'aithghearr a' toirt rabhadh do dhaoine a tha a' leigeil seòmraichean sna taighean sòisealta aca a-mach air màl do luchd-turais tro leithid AirBnB.

Tha cuid a' leigeil nan taighean sòisealta gu lèir aca a-mach.

Bidh a' Bhuidheann Taigheadais ag innse gu bheil an leithid a' briseadh an aonta laghail tro bheil daoine a' fuireach sna taighean agus gur dòcha gun tèid daoine a chur às na taighean mura sguir iad den chleachdadh.

Thathas a' meas gur e an t-Eilean Sgitheanach an t-àite leis an àireamh as motha de dh'àiteachan air an leigeil a-mach air màl tro AirBnB san dùthaich, a rèir àireamh an t-sluaigh.