SwinneyGaelic
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

'Barrachd obrach a dhìth' air foghlam Gàidhlig àrd-sgoile

13 An Lùnasdal 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thuirt an Leas Phrìomh Mhinistear, Iain Swinney BPA gu bheil barrachd obrach a dhìth 'son piseach a thoirt air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre na h-Àrd Sgoile.

Bha Mgr Swinney, air a bheil dleastanas airson a' chànain, a' bruidhinn aig coinneimh de dhiofar bhuidhnean Gàidhlig faisg air Peairt Dimàirt.

Thuirt e gu bheil adhartas air a bhith ann a thaobh leudachadh chuspairean aig ìre na h-àrd-sgoile, ach gu bheil e airson tuilleadh adhartais fhaicinn