Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An Lùnasdal 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Nora Quoirin

Tha aithrisean ann gun deach corp fhaighinn ann am Malaysia far an robh nighean, 15, à Lunnainn a dhìth. Thuirt Urras Lucie Blackman, a tha a' dèiligeadh ri ceistean mun chùis, gu bheil a h-uile coltas gur e corp Nora Quoirin a th'ann. Chaidh Nora, a bha so-leònta, a dhìth bho chionn còrr 's seachdainn agus i air saor-làithean ann am Malaysia còmhla ri a pàrantan.

Brexit

Bidh làn èisdeachd-cùirte ann air an t-siathamh latha den ath mhìos mun oidhirp air stad a chur air Boris Johnson a' phàrlmaid a dhùnadh mar dhòigh air Brexit gun aonta a thoirt gu buil. Chaidh buidheann mu thrì fichead 's deichnear de bhuill-phàrlamaid agus morairean gu Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann an-diugh le argamaid gu bheil e mì-laghail agus an aghaidh na bunreachd a' phàrlamaid a dhùnadh 'son an Rioghachd Aonaichte a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach gun aonta. Dh'aontaich am Morair Doherty aig Cùirt an t-Seisein clàr-ama sgiobalta 'son èisdeachd ris an tagradh. Ach dhiùlt e cabhag a achur air a' phròiseas agus e ag ràdh gu feumar a bhith cothromach dhan dà thaobh.

Cosnadh

Dh'èirich an àireamh dhaoine a tha gun chosnadh air feadh Bhreatainn, aon deug thar fhichead mìle, sna trì mìosan dhan Òg Mhìos. Tha an àireamgh gu lèir a tha gun obair aig 1.3 milean. Bha an àireamh ann an Alba suas mu dhà dheug mìle gu beagan a bharrachd air ceud agus dà mhìle. 'S e sin 3.6% den t-sluagh agus tha e nas lugha na an ìre air feadh Bhreatainn, a tha aig 3.9%.

Hong Kong

Tha maill air luchd-siubhail aig Port Adhair Hong Kong a-rithist an dèidh do luchd iomairt cruinneachadh an sin nam mìltean an-dè agus a bhon-dè 's iad a' togail fianais an aghaidh riaghaltas Hong Kong agus dol-a-mach nam poileas. Bha maill mhòr air seirbheisean aig a' phort adhair an-dè agus tha sin ann gu ìre an-diugh a-rithist.

Fèill na Luirge

Tha fèill uan na Luirge ann an-diugh, fèill uan aon latha cho mòr 's tha san Roinn Eòrpa. Ged a tha dragh air croitearan agus tuathanaich mu bhuaidh Bhrexit air a' mhargaidh bha prìs nas fheàrr air na h-uain aig a' chiad fhèilltean den fhoghair gu ruige seo, na bha aig an aon àm an-uiridh. Ach 's i fèill na Luirge an aon fhèill air am bheil an gniomhachas a' coimhead mar thomhas air dè seòrsa phrìsean a bhitheas ann an dèidh seo.