Prìsean measgaichte aig Fèill-reic na Luirge

fèill reic na Luirge
Image caption 'S iad uain Cheviot as motha a thathas a' reic aig Fèill na Luirge.

'S ann measgaichte a bha na prìsean aig fèill nan uan anns an Luirg an-diugh.

Tha sa chumantas prìs nam mult suas not no dhà seach mar a bha iad an-uiridh aig còrr is £51.11.

Ach tha na h-uain bhoireann sìos còrr is £15.00 air a' bhliadhn' an-uiridh nuair a bha'd a' dol airson £76.54 sa chumantas.

Tha croitearan is tuathanaich ag ràdh gur e briseadh-dùil a th'anns na prìsean, ach gu bheil iad nas fheàrr na bha iad an dùil.

'S e seo an fhèill uan aon latha as motha san Roinn Eòrpa, agus 18,000 dhiubh gan creic.

An-uiridh chaidh 12,694 uan tron mhargaidh, feadhainn nach robh cho mòr is a b' àbhaist leis nach robh am feur cho math air sàilleamh na sìde blàithe a bh'ann tron t-samhradh.

Prìsean

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt Dòmhnall Moireasdan bhon a' chompanaidh rup, United Auctions, gu bheil an t-sìde am bliadhna air a bhith glè mhath airson feur is saileids 's mar sin tha na h-uain nas motha.

"Bha prìsean gu math nas fheàrr ann an Sruighlea ... tha an t-uan beag sìos chionn cha bhi e reamhar gu as t-earrach 's a' tighinn, 's chan eil cinnt aig daoine dè tha dol a thachairt eadar sinn fhèin agus an Roinn Eòrpa 's dè gheibh sinn air uain thall san Roinn Eòrpa, dè na tariffs a thig oirnn, ach anns an fharsaingeachd, tha a' phrìs glè mhath.

"Tha an t-uan mòr a' cumail a' phrìs chionn tha fhios aca gum bi sin air a' mhargaidh mus tig àm Brexit," thuirt e.

Thèid 5 mìle uan a reic anns an Òban Dimàirt cuideachd, agus aig fèill ann an Tiriodh Disathairne thèid còrr is 5 mìle a reic an sin.