Balach air a dhroch ghoirteachadh aig Caisteal Mhic na Ceàrdaich

Coastguard rescue Image copyright Wick RNLI
Image caption Chaidh luchd-teasargain a ghairm mu 17:00

Chaidh balach Fraingeach, aois 14, a dhroch ghoirteachadh às dèidh tubaiste aig seann Chaisteal Mhic na Ceàrdaich faisg air Inbhir Ùige.

Chaidh bàta-teasargainn Inbhir Ùige, poileas, agus carbad-eiridinn a ghairm mu 5f Diluain nuair a chaidh an gille a ghearradh dheth bho thìr nuair a thàinig an làn a-steach.

'S e heileacoptair Mhaoir-chladaich Shealtainn a thog e às a' gheodha agus chaidh a thoirt gu Ospadal Rìoghail Obar Dheathain.

Tha an seann chaisteal trì mìle à Inbhir Ùige, a chaidh a thogail dha Iarla Ghallaibh anns a' chòigeamh linn deug, a' suidhe air pìos cumhang de thalamh agus geodha eadar e agus tìr-mòr.