Thòisich obair gus Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a leudachadh

digger
Image caption Tha dùil gum bi an obair deiseil ron Fhaoilleach 2020.

Tha obair a' tòiseachadh gus Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a leudachadh le àireamh na cloinne a' sìor èirigh.

Dh'fhosgail Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis ann an 2007 agus tha i air a dhol bho neart gu neart bhon uairsin.

Thèid annexe anns a bheil 9,000 troigh ceàrnagach a thogail.

Cuidichidh an leasachadh le cho làn sa tha an sgoil an-dràsta agus le mar a tha foghlam agus cùram do chloinn a tha 3 agus 4 bliadhna de dh'aois ga leudachadh san Lùnasdal an ath-bhliadhna.

Seasmhach

'S ann aig Morgan Sindall a tha an cùmhnant agus thathas an dòchas gum bi an togalach deiseil ron Fhaoilleach an ath bhliadhna.

Thèid dà sheòmar sgoil-àraich, dà sheòmar 'son clas a h-aon agus cidsean agus seòmar-bìdhe ùr a thogail.

Thog pàrantan dragh roimhe nach biodh an togalach seo freagarrach neo seasmhach 'son an ùine fhada.

Ach bha a' chomhairle ag ràdh gun robh aca ri dèiligeadh ris an iarrtas a bha gu bhith ann an ath-bhliadhna.

Thuirt Cathraiche Comataidh Cùraim, Ionnsachaidh agus Taigheadais na Comhairle, Iain Fionnlasdan gu bheil e air a dhòigh gu bheil an obair air tòiseachadh.