Àite-amhairc ùr ga thogail anns na Hearadh

Iolaire
Image caption Tha na Hearadh a' tàladh dhaoine le ùidh ann an iolairean

Tha obair air tòiseachadh air àite-amhairc ùr anns an Hearadh, a chosgas £50,000.

Bidh ceann a tuath na Hearadh a' tàladh tòrr dhaoine aig a bheil ùidh ann an iolairean, agus a bhios a' gabhail tlachd anns an àrainneachd, agus 's ann dhaibh-san a bhios an goireas ùr seo.

Thog iad àite-amhairc mar-thà ann an Gleann Mhiabhaig, agus a rèir Chathraiche Urras Cheann a Tuath na Hearadh, Calum MacAoidh, tha daone gu math taingeil air a shon.

"A' chiad togalach a thog sinn ann an Gleann Mhiabhaig, tha e air ainmeachadh mar àite far am faic daoine iolairean ach tha mi a' creidsinn mòran dhan na daoine a tha dol a-mach ann, chan fhaic iad iolaire - chan urrainn dhut a bhith cinnteach càit' am faic thu iolaire - ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil daoine dìreach taingeil gu bheil àite ann far an urrainn dhaibh suidhe, anail a leigeil agus 's docha greim bìdh a ghabhail agus sealltainn air dè tha mun cuairt orra."

Thàinig maoineachadh airson an togalaich ùir bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Comhairle nan Eilean Siar, Urras Iain Mhuir, Urras Coimhearsnachd Thuath Gaoithe Mhuaitheabhal 's eile.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile