"Soilleireachadh a dhìth" mu aiseagan ChalMac

Glen Sannox Image copyright Getty Images
Image caption Tha cùmhnant nan aiseagan ùra mar-thà fad air dheireadh agus thairis air buidseat

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gum feum iad fios cinnteach fhaighinn mu aiseagan ùra ChalMac às dèidh na naidheachd gu bheil Gàradh MhicFhearghais an dùil a dhol ann an rianachd.

Chaidh fhoillseachadh Dihaoine gu bheil dùil gun tèid a' chompanaidh ann an rianachd ro dheireadh na seachdainn seo.

Tha trioblaidean air a bhith aca bho chionn ghreis, 's iad fhèin agus Riaghaltas na h-Alba air a dhol a-mach air a chèile mu dà aiseag ùr a tha iad a' togail dha CalMac.

Tha an cùmhnant sin, anns a bheil luach £97m, fad air dheireadh agus thairis air buidseat.

Tha 350 duine ag obair dhan a' chompanaidh, agus tha Riaghaltas na h-Alba a' gealltainn an dìcheall a dhèanamh 'son na cosnaidhean sin a ghlèidheadh.

Fo smachd na stàit?

Thuirt Rùnaire an Ionmhais, Derek MacAoidh, gu bheil iad deiseil 's deònach a' chompanaidh a chur dhan roinn phoblaich mura faighear airgead à aiteigin eile.

Chaidh Jim McColl leis a' bheil a' chompanaidh an aghaidh a' phlana sin Là na Sàbaid ge-tà, 's e ag ràdh nach robh ciall eaconomach ann.

'S ann dhan t-slighe eadar Loch nam Madadh, Ùig agus an Tairbeart a tha tè den na h-aiseagan ùra, agus tha Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, ag ràdh gum iad fios cinnteach fhaighinn mu na thachras a-nis.

"Aig an ìre seo feumaidh rudeigin tachairt - tha feadhainn air a bhith air a' fòn thugam sa mhadainn ag ràdh gum bu chòir luchd-obrach aig Babcock a chur a-steach airson crìoch a chur orra 's rudan mar sin ach gus am faic sinn dè tha dùil aig an Riaghaltas a dhèanamh tha e doirbh fhaicinn dè tha dol a thachairt".

Leanaidh còmhraidhean Diluain ann an oidhirp aonta a ruighinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo