Atharrachaidhean an Liog Chailleannaich a' Chinn a Tuath

Ball-coise

Tha sgioba Leòdhais agus na Hearadh a' coimhead air adhart ris na geamannan acasan 's an t-seusan ùr, is iad a' cliuch airson Cupa Sheoc MhicAoidh agus ann am farpais a' Football Times.

Ann am farpaisean Lìog Chailleannaich a' Chinn a Tuath an t-seusan seo tha atharrachaidhean anns an dà fharpais sam bi iad a' cliuche.

B' àbhaist do dh'fharpais Sheoc MhicAoidh a bhith a' tòiseachadh aig deireadh an Dàmhair no mar sin, ach am-bliadhna tha iad seo a' gabhail àite nas tràithe air an t-seusan.

Bidh sgioba Leòdhais is na Hearadh a' cliuche a' chiad gheama Disathairne an 14mh den t-Sultain an aghaidh Arcaibh sa chiad chuairt den fharpais.

Dùbhlan

Agus thathar an dùil gum bi na cuairtean deireannach a' gabhail àite mu thoiseach na Samhna am-bliadhna, far am b' àbhaist dhaibh a bhith a' tachairt às dèidh na bliahdn' ùire.

Bidh na geamannan sin nan dùbhlain ma 's e is gum faigh iad troimhe an aghaidh Arcaibh.

Tha cruth ùr cuideachd air farpais a' Football Times. Airson a' chiad turas riamh tha iad air dà lìog a dhèanamh, còig sgiobannan ann an aon lìog agus ceithir san lìog eile.

Bidh an sgioba a tha aig mullach gach lìge a' dol air adhart chun na cuairte deireannaich.

Siubhal

Tha Alanais air tarraing a-mach às an lìog am-bliadhna agus an lìog anns a bheil Leòdhas is na Hearadh a' cliuche sìos gu ceithir sgiobannan.

'S e Athletic Inbhir Nis, Baile Dhùthaich agus Inbhir Ghòrdain a bhios nan aghaidh san lìog sin.

Bidh aon de na geamannan sin air a chluich ann an Ulapul airson nach bi uiread de shiubhal aca ri dhèanamh, ach bidh an dà gheama eile air taobh an ear na dùthcha.

Cluichear an fharpais sin san t-Samhain agus san Dùbhlachd, leis a chuairt dheireannach aig deireadh an Fhaoillich. Bidh an sgioba a bhios os cionn gach roinne a' cluich a chèile sa chuairt dheireannaich.