hial
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Stailc HIAL a'toirt buaidh air Arcaibh is Sealtainn

22 An t-Iuchar 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

'S iad Arcaibh agus Sealtainn a dh'fhairich buaidh stailc luchd-iùil nan itealan Diluain, le puirt-adhair Shumburgh agus Bhaile na h-Eaglaise dùinte.

Thòisich sreath stailcean aig puirt-adhair HIAL Didòmhnaich, agus an eas-aonta a' leantainn mu ìrean pàighidh an luchd-iùil.

Thuirt an t-aonadh Prospect gur e na stailcean seo "an roghainn mu dheireadh" a th'aca.

Tha HIAL air leisgeul a thabhainn air an luchd-siubhail air a bheil iad seo a' toirt buaidh.