Kerrera
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Lùghdachadh air prìs thiceadan aisgeig Chearrara

19 An t-Iuchar 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thèid lùghdachadh a thoirt air prìs nan ticeadan airson aisgeig Chearrara don fheadhainn nach eil a' fuireach air an eilean.

B' àbhaist do na ticeadan a bhith nas daoire do luchd-turais an taca ri muinntir an eilein fhèin.

Chan fhada cuideachd, bhon a ghabh coimhearsnachd an eilein sealbh air an t-seann sgoil le dòchas gun tèid ionad coimhearsnachd a dhèanamh dhith.