Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An t-Iuchar 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gàrradh MhicFhearghais

Tha e coltach gu bheil Riaghaltas na h-Alba ag ullachadh airson Gàrradh MhicFhearghais air Cluaidh a chur fo shealbh na stàite. 'S e tuigse a' BhBC gur e sin am plana air a bheil an Riaghaltas a' coimhead mar fhuasgladh air a' bhuaireadh mun dà bhàt-aiseig a tha an gàrradh a' togail do ChalMac. Tha maill mhòr orra sin, 's tha aithrisean ann gu bheil prìs na h-obrach air cha mhòr dùblachadh gu faisg air £200m. Rinn am fear-gnothaich Jim MacColla cobhair air a' ghàrradh bho chionn còig bliadhna, agus tha e coltach gun cailleadh esan gu mòr nan deadh seo air adhart.

Brexit

Tha buidheann de dh'àrd-Thòraidhean a' beachdachadh air taic na Bàn-righinn iarraidh airson stad a chur air Brexit gun aonta. Tha na Buill-Phàrlamaid den bheachd ma 's e agus nach toir am Prìomhaire ùr feart air rùn na Pàrlamaid, gum faodadh iad an uairsin iarraidh air a' Bhànrigh a dhol dhan ath-àrd-choinneimh aig an Aonadh Eòrpach a dh'iarraidh leudachaidh air Artaigil 50.

Agus thuirt Ministear na Slàinte, Stephen Hammond, gur dòcha gun cuir esan taic ri plana airson cur às do riaghaltas ùr fo smachd Bhoris Johnson nam b' ann air Brexit gun aonta a bhiodh an riaghaltas sin ag amas. Sheachainn Mgr Hammond a' bhòt a bh' anns na Cumantan an-dè airson gum biodh e nas dorra a' Phàrlamaid a dhùnadh mar dhòigh air Brexit gun aonta a thoirt gu buil.

Srebrenica

Ghabh a' phrìomh chùirt anns an Òlaind ri riaghladh a chuir pàirt den choire air an Òlaind airson bàs mu 300 den 8,000 de na fir Mhuslamach a chaidh a mhurt ann an Srebrenica ann am Bosnia ann an 1995. Chaidh na fir a mhurt an dèidh dhan arm Dhuidseach aontachadh an toirt dha na feachdan Searbach-Bosnianach.

HIAL

Tha dùil ri maill air luchd-siubhail aig Port-Adhair Inbhir Nis Là na Sàbaid agus luchd-obrach na seirbheis iùil air stailc. Tha aimhreit mu phàigheadh ann eadar an t-aonadh Prospect agus Companaidh Phort-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean, agus gun choltas sam bith air aonta. Bidh stailc ann an Inbhir Ùige Diluain, agus ann an Steòrnabhagh agus ann am Beinn nam Fadhla Dimàirt.

Brògan Tommy Gemmell

Thèid brògan ball-coise fhir de na Lisbon Lions a reic aig rùp. 'S iad na brògan air bh' air Tommy Gemmell nuair a fhuair esan a' chiad thadhal do Celtic nuair a rinn iad a' chùis air Inter Milan 2-1 anns a' chuairt dheireannaich de Chupa na h-Eòrpa ann an Lisbon bho chionn còrr is 50 bliadhna. Bha na brògan ann an Taigh-Tasgaidh a' Bhuill-Choise Albannaich aig Hampden, ach tha dùil gun coisinn iad mu £10,000 aig rùp an-diugh.