Tubaist-rathaid an Gleann Comhann

Tubaist Image copyright Hannah Louise

Chaidh bus far an rathaid às dèidh tubaist-rathaid ann an Gleann Comhann Dihaoine.

Thachair an tubaist eadar bus is càr Mercedes C-Class air an A82 faisg air ionad-tadhail a' ghlinne dìreach às dèidh 12.30f.

Thuirt Poileas Alba gu bheil e coltach nach deach duine a ghoirteachadh gu dona.

Chaidh an rathad a dhùnadh treis aig làrach na tubaist, mus deach aona shlighe fhosgladh.