Trioblaidean bàt-aiseig Bharraigh

Isle of Mull

Tha mì-chinnt ann mu sheirbheisean aiseig ChalMac air an deireadh sheachdain sa is trioblaidean teignigeach aig a' bhàt-aiseig a bhios a' siubhal eadar an t-Òban agus Barraigh.

Tha luchd-einseaniridh fhathast ag obair air a' bhàta an Isle of Lewis, a-rèir choltais, ach thèid am bàt-aiseig an Isle of Mull a Bharraigh oidhche haoine.

Dh'iarr Ball-Parlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèil, air CalMac ruideigin a dhèanamh mun t-suidheachadh agus an t-eilean gu bhith as aonais ceangal gu tìr mòr aig an àm as trainge dhen bhliadhna.

A-rèir an fhiosrachaidh air làrach-lìnn ChalMac, cha toir am bàta a tha a' siubhal oidhche haoine leatha luchd-siubhal air ais dhan Òban bhon a dh'fheumas an criubha uairean dheth.

Mì-chinnt

Mar sin cha bhìth bat-aiseig a' falbh à Barraigh tràth madainn Disathairne agus chan eil sian a chinnt ann a falbh am bàta eadar an t-Òban agus Bagh a' Chaisteal feasgar Disathairne nas motha.

Tha seo a' toirt buaidh cuideachd air seirbheisean Cholbhasaigh, Cholla agus Tiriodh - far a bheil fèis chiùil mhòr TMF air an deireadh sheachdain sa.

"Tha e doirbh aig an àm seo den bhliadhna agus tha h-aiseigean a th'ann cho trang", thuirt Ball Parlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèil

"Chan eil bàta a' seasamh na tàmh.

"Tha an t-uabhas a' siubhal dha na h-eileanan agus mar sin nuair a thachras rudeigin mar seo tha a h-uile duine mu thimcheall trang a' feuchainn ri faochadh fhaighinn do dhaoine ann an staing", thuirt e.

Tha Còmhairliche na sgire, Dòmhnall Manford, cuideachd air sgrìobhadh gu CalMac ag iarraidh fuasgladh air an t-suidheachadh leantainneach.