Iomairt 'son corp shreapadair ga chur dheth

Màrtainn Moran Image copyright Facebook

Chaidh iomairt airson lorg fhaighinn air sreapadair far na Gàidhealtachd a thathas an dùil a bhàsaich còmhla ri buidhinn de shreapadairean eile anns na Beanntan Himàilianach, a chur dheth.

Bha Màrtainn Moran air a bhith an ceann na buidhne 's iad a' dìreadh beinne 21,250tr (6,477m) nach deach a shreap roimhe, agus air nach eil ainm, ann an sgìre Nanda Devi sa Chèitean.

Chaidh brath a chur a-mach gun robh iad a dhìth an dèidh maoime-sneachda san sgìre.

Chaidh cuirp bhall eile den bhuidhinn a lorg air a' mhìos a chaidh, ach tha corp Mhgr Moran fhathast gun a lorg.

Ann am brath a dh'fhoillsich iad air Facebook, thuirt teaghlach Mhgr Moran: "Le seusan a' mhonsoon an-dràsta a' bualadh air na Beanntan Himàilianach, tha an suidheachadh sna beanntan air a dhol am miosad agus air sgàth sàbhailteachd nan sgiobannan teasairginn chaidh an iomairt airson Màrtainn a lorg a chur dheth.

"'S gann gun creid sinn na fhuair sinn de thaic 's de ghràdh dhuinn fhèin, agus do na teaghlaichean uile a chaill luchd-dàimh. Thug ur coibhneas dòchas agus solas dhuinn air na làithean as duirche.

"B' e duine, athair, caraid agus co-obraiche gràdhach a bh' ann am Màrtainn. Cumaidh sinn a chuimhne ann an urram le bhith a' cumail oirnn a' siubhal chun nam beanntan, agus dha na h-àiteachan uile dhan robh gràdh aige."

Tha teaghlach Mhgr Moran, a tha a' ruith gnothachais ann an Loch Carrann, a' dol a chomharrachadh a bheatha ann an Toirbheartan air an 13mh den Iuchar.

Image copyright Reuters
Image caption Dealbh den bhuidhinn mus do thòisich iad a' sreap.

B' e na daoine eile a chailleadh anns a' mhaoim-sneachda Iain MacLabhrainn, Rupert Whewell, agus Ridsead Payne o Bhreatainn; na h-Aimeireaganaich Anthony Sudekum agus Ronald Beimel; an Astràilianach Ruth McCance agus an treòiriche Ìnnseanach Chetan Pandey.

Thòisich iad a' sreap air an 13mh Cèitean.

Chailleadh conaltradh leotha air an 26mh Cèitean, là mus do thachair a' mhaoim-sneachda air a' bheinn.

Chaidh cobhair a dhèanamh air ceathrar eile den aon bhuidhinn a bh' air tòiseachadh air tilleadh a-nuas ri linn na droch shìde.