HEBCELT
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Ullachadh 'son Fèis Cheilteach Innse Gall

11 An t-Iuchar 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dùil ri na mìltean dhaoine ann an Leòdhas an ath-sheachdain airson Fèis Cheilteach Innse Gall na bliadhna-sa.

Fosglaidh i Diciadain agus tha KT Tunstall agus Na Shires am measg an luchd-ciùil a bhios air an àrd-ùrlar.

A bharrachd air tlachd a thoirt do luchd-frithealaidh na fèise, tha an tachartas a' cur mu dhà mhillean not ri eaconamaidh na sgìre.