Taigh-uachdair Arainn gus dùnadh

Taigh-Uachdar Eilean Arainn Image copyright First Milk
Image caption Gheibheas càise ainmeal, Eilean Arainn, bhon an taigh-uachdar ann an Torrylin air Eilean Arainn.

Dh'innse am buidheann 'First Milk' gu bheil iad a' dùnadh an taigh-uachdar aca an Eilean Arainn agus a' lùghdachadh an cuid obrach an Ceann Loch Chille Chiarain.

Chaidh na taighean-uachdair seo a chuir air a' mhargaidh an uiridh ach cha d'fhuairear duine a bha deònach an ceannach.

Thuirt a chompanaidh gun robh iad air tòiseachadh air co-chomhairleachaidh leis an luchd-obrach an Arainn mu bhith dùnadh an taigh-uachdar.

Tha iad cuideachd a' bruidhinn ri luchd-obrach ann an Ceann Loch Chille Chiarain mu na planaichean.

Ach ann an sin, tha còmhradh a' leantainn ri buill de thuathanaich an Cinn Tìre mu bhith a' ceannach an àite "le taic bho Riaghaltas na h-Alba".

Cunnart

Tha coig obraichean ann an Arainn agus 11 ann an Ceann Loch Chille Chiarain ann an cunnart.

Thuirt Àrd-Oifigear First Milk, Shelagh Hancock "Tha sinn cho duilich nach d'fhuair sinn duine a cheannaicheadh an taigh-uachdair an Arainn".

"Tha sinn dòchasach gun gabh taigh-uachdar Cheann Loch Chille Chiarain a shàbhaladh le bhith fo sheilbh buidheann thuathanaich.

Dìon

Thuirt Cathraiche buidheann obrach riochdairean bhainne Chinn Tìre, James Barbour, gun robh 'First Milk' air obair gu cruaidh airson an gniomhachas a chumail a' dol ann an dòigh a bha seasmhach airson taigh-uachdar Cheann Loch Chille Chiarain.

"Gu mì-fhortanach chan eil e air a bhidh comasach cuideigin fhaighinn a cheannaicheas an gniomhachas.

"Ach tha sinn a' creidsin gu bheil e cudthromach a bhith a' cumail àite far an gabh am bainne a' ghiullachd an Cinn Tìre airson a bhidh dìon cosnadh nan tuathanaich-bainne san sgìre san àm ri teachd", thuirt e.