Duilgheadas le dealanaich air Ghàidhealtachd

Loidhnichean-dealain faisg air an Drochaid Bhruthainn Image copyright Stanley Howe Geograph
Image caption Loidhnichean-dealain faisg air an Drochaid Bhruthainn

Tha dealanaich air a bhith a' dèanamh dragh do dhaoine ann an sgìre an Tuim Aitinn agus Baile nan Granndach.

Thuirt a' chompanaidh dealain SSEN gun robh bholtachd ro àrd ag adhbharachadh gun robh trioblaid aig 312 dachaigh san sgìre sin.

Tha luchd-einnseanairidh ag obair air an làraich airson an trioblaid a cheartachadh, agus tha iad ag amas gum bi a h-uile sian air ais mar a bu chòir mu 4:00f.

"Tha sinn duilich airson an dragh a tha seo a' dèanamh do mhuinntir na sgìre, agus tha sinn a' toirt taing dhaibh airson am foighidinn fhad 's a tha an luchd-obrach againn a' dèanamh an dìcheil cumhachd ath-stèidheachadh cho luath 's a ghabhas," thuirt neach-labhairt airson Lìonra Dealain na h-Alba agus mu Dheas (SSEN)

"The an lìonra againn a' cumail suas ri suidheachadh na h-aimsire agus tha sinn deiseil airson dèileagaidh ri milleadh sam bith a dh'fhaodadh tachairt mar a tha an dealanaich a' gluasad tron dùthaich," thuirt iad.